Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 17
SimeoD, iii nach urrainn duit dìoladh a thoirt
duinn. Grhoid thu uain teò-chridhe ar n-athar,
ni nach 'eil thu comasach air 'aiseag dhuinn ;
dh'àrdaich thu thu fein le d' fhaoin bhruadair,
mar gu'm bu tu ar triath no ar n-uachdaran;
thug thu oirnn fein, air ar cloinn, seadh, agus air
ar n-athair, ùmhlachd a thoirt dhut ; ach 's gearr
gus am faic sinn ciod gus an d'thig t-fhearas-
mòr. Cha mhair thu beo gu buaidh a thoirt air
do bràithribh ; ach gheibh thu bàs gu deimhin."
" Mo thruaighe ! an èiginn domh dol gu bàs
arson mo bhruadair! Cò agaibh aig a bheil
cumhachd air a smaointibh am feadh a bhios e
na shuain ? Och, a Shimeoin ! mo bhràthair, a
Shimeoin, an robh comas agams air mo bhrua-
daraibh ? 'S beag a shaoil leam gu'n cuireadh iad
mi-thlachd air a h-aon agaibh an uair a dh'aith-
ris mi gu neo-chiontach 'nar n-èisdeachd iad.
Cha'n 'eil ceannas air bith a dhi orm, tha mi'ga
m' mheas fein neo-airidh air bhi co'ionann ruibh-
se, gu mòr ni 's lugha na sin ceannas a bhi
agam oirbh. Ma tha tlachd aig m' athair dhiom
's ann as leth mo mhàthar a tha e, 's cha 'n ann
air mo shon fein, Agus am feum mi dol gu bàs
arson na speis a th' aig m'athair dhomh ? Smaoin-
tich, a ghaoil, a Shimeoin, nam bu tu a bhiodh
a'm'ionad, am bu chaomh leat do chur gu bàs
arson aon bhreislich air an smaointicheadh tu
a'd' chadal ; A bhi air do mhilleadh arson ni air
nach robh comas agad air a bhacadh ? Ma dh'-
fheumas mi dol gu bàs arson aisling a tha cur
suaimhneas agus mòrachd air a mhanadh, cead-
aichibh dhomh aon a chunnaic mi'n raoir aithris ;
ma chuir a' cheud aon campar oirbh, fp.udaidh
b3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence