Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 15
bàs, 110 thigeadh e fo na mionnan a's cruaidlie
nacli innis e oirnne. 'S ann a mhàin leis a so a
dh'f heiidas e a bheatha a chaomhnadh. Abair, a
Eeubein, an gabh thu ris a chumhadh ?" " Leig-
ibh leam a bhi gu m' chomhairle gus am màir-
each, agus an sin bheir mi freagradh dhuibh," a
deir ceud-ghin lacoib.
" Deònaichidh sinn fad aon uaire dhut, agus an
sin bithidh fìuthair againn ri d'fhreagradh," a
deir na bràithrean.
Mu'n àm so thainig loseph am fagus d'a
bhràithribh, agus le fèith ghàire na ghnùis ri'm
faicinn uile cruinn, thainig e dhì dhoibh a chur
fàilt' orra, agus a dh'f hiosrachadh m'an slàinte.
Ach 's grad an t-ioghnadh a bhuail e, 'nuair, an
ionad fàilt a chur air, gur h-ann a thionndaidh
iad an cùl ris, le lasan feirg' air an gnùis. Kug
iad air gu grad, agus spìon iad a chòta àluinn
cadath dheth, agus chuir iad ceangal nan tri
chaol air. Chlisg Eeuben, agus ghlaodh e,
" Stad air do laimh ach a mhàin gu ceann na
h-uaire, an uair a gheall sibh, agus an sin bheir
mi freagradh dhuibh." Dh'aontaich iad uile
fuireach aon uair, agus gun tuille, m'an rachadh
loseph a mhilleadh : agus le sealladh muladach
a thug Eeuben air a bhràthair fo chuibhreach,
thuirt e " B'f hearr leam gu'n ceadaicheadh do
dhleasdanas do d' athair, agus do ghaol do d'
bhràithribh dhuit fuireach aig a bhaile, an àite
tighinn a dh'f haicinn nan daoine so a th'air thi
do mhilleadh ;" le so a ràdh, thàr e gu grad a
leth-taobh chum smaointeachadh ciod am freag-
radh a bheireadh e dhoibh.
Air do'n bhràthair bu shine dol a leth-taobh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence