Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
EACHDRAIDH lOSEIPH.
11
an uair a thuit e na chadal chunnaic e aisling
do ghnè eile. Air leis gu'n robh e air seach-
ran an tìr aineoil fo dhubhar na h-oidhche;
cha robh grian, gealach no reultan ri fhaicinn.
Air dha bhi gu h-airsneulach trom ag imeachd
gun fhios aige c'àit' a bha e doh Cha robh e
'cluinntinn a bheag ach raoiceil fhiadh-bhèistean,
ag iarraidh an cobhartaich. B'e beucaich an
leòghainn agus ulfhartaich na comhachaige bu
cheòl cluaise dha. Thuit e gun f hios da ann an
slochd domhain, am measg nathraichibh millteach,
agus ■ uilebheistean eile ; agus leis an leagadh
chaidh a chòta ioma-dathach a reubadh as a
chèile, agus bha e air barr pris os a cheann.
Mun gann a ràinig e ìochdar an t-sluichd dh'iadh
dà nathair mu thimchioll a chas, ni a chuir eagal
mòr air, a thug air dùsgadh, agus bha aiteas air
nach robh ann ach bruadar. Theagamh gur h-
ann a ghabh spiorad eiginn bàigheil nèamhaidh.
a chuala mì-run a bhràithrean, an doigh so air
rabhadh a thoirt da air a chunnart, chum gu'n
seachnadh e an cuilbheartan. Ach cha robh
droch amharus ann an cridhe neo-chiontach
loseiph. Mheasadh e na choire mhòr g-u'n cuir-
eadh e an caoimhneas 'an teagamh. Nam biodh
ionracas agus trèibhdhireas a'buadhachadh co mòr
anns a' chuid eile do d' mhacaibh, lacoib ! 's
mor an cràdh-cridhe a sheachnadh tu, agus rachadh
tu gu sìochail sàmhach sios do'n uaigh.
Bha mùghadh mòr eadar iadsan agus loseph,
oir cha luaithe chunnaic iad e tighinn fad' as, na
chuir iad rompa a mhilleadh, agus le aon ghniomh
nàrach mi-chiatach gu'n cuireadh iad bacadh
air an àrdachadh ris an robh dùil aca bha fiughair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence