Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
10 EACHDRAIDH lOSElPH.
riusan 's ann a thachair coigreach air, neach
'nuair a chunnaic e òganach dreachmhor air
iomrall san fhearann a thainig am fagus, agus
thuirt e ris mar a leanas : " A f hleasgaich,
m'as math mo bheachd, is coigreach san àite so
thu, air seacharan an tòir air cuspair eiginn ; is
ann a mhuinntir na tire mise, agus m'as miann
leat e bheir mi dhuit gach fìosrachadh a tha 'm
chomas. 'Si toil De nach bi sinn mi-thlusail ri
coigrich, ach gu'n dean sinn dhoibh gach math
a dh'fheudas sinn. Dhrùigh deadh thairgs' an
duine air loseph, agus thuirt e gu macanta ris,
"A charaid, oir 's amhuil a tha do chainnt a'
cur an cèili 's ann a tha mi'n so san àm ag
iarraidh mo bhràithre, bu chòir a bhi dlù do'n
àite so ag ionaltradh an treuda, bithidh mi gu
mòr a'd' chomain ma dh'innseas tu domh c'àit'
a'bheil iad." " M'as iad deichnear mhac Israeil
a tha dh'easbhuidh ort," a' deir an coigreach,
" 's urrainn mis innse dhuit cion a chaidh iad,
oir bha mis' air ghnothach aca o chionn thri
làithean ; 's an uair a thuig iad gu'n d'f has an
t-ionaltradh lòm le'n treudaibh lionmhor, chuala
mi iad ag ràdh gu'n rachadh iad do Dhotan,
far an robh am pailteas feòir.
" M'as bràthair thusa do na daoine foghaint-
each sin, guidheam ort gabh tàmh maille riums'
an nochd, agus anns a' mhadainn imichidh tu d'an
ionnsuidh ann an sìth." Leis mar bha ciaradh
an f heasgair ann, ghabh e ri cuireadh caoimhneil
a' choigrich, agus ghabh e mu thàmh ann am
bùth a Chanàanaich. Air dha dol a chadal thain-
ig a bhruadair na bheachd, agus bha mòr thoil
aige ; gu'm biodh fios aige air am brigh ; ach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence