Skip to main content

‹‹‹ prev (7)

(9) next ›››

(8)
4 EACHDRATDH lOSEIPH.
aireachd an t-saoghail, chi mi eadar-dhealachadh
mòr eadar m'athair agus bràthair m' athar, Esau.
Cha robh am barrachd mùghaidh eadar molaichead
Esau agus luimead m' athar, an uair a chaidh an
laimhseachadh le m' shean-athair geur-chuiseach,
na bha eadar an dà inntinn. Agus cò rinn am
mùghadh sin, no idir a b' urrainn a dheanamh
ach Dia, a thug dhoibh am beatha, 's a dhealbh
iad san aon-bhroinn ? Tha mi toirt buidheachais
duit, Dhe ! gur h-ann do m' athair lacob a tha
'n gealladh." 'S tric a smuaintich e le tlachd
agus toilinntinn air gach fìosrachadh cairdeil a
f huair am priomh-athair o'n Uile-chumhachdach
aig Betel agus Peniel. " !" thuirt e, " gu'm
biodh an Dia ceudna, Dia m' athar, maille rium,
ceart mar bha e maille ris-san ! Gru'n robh an
Dia so na Dhia dhomhsa ann an tir nam beò
'gam stiùradh agus a bhi na chuibhrionn domh
am feasd."
Mar so a' beachd-smuainteachadh air gach
caochladh a thug am Freasdal air 'athair, agus
a' guidhe gu dùrachdach arson gràis chum giùlan
'athar a leantuinn, thuit e na shuain, agus chaidil
e ann an sìth agus 'an sàmchair. Air dha bhi
na chadal, bhruadair e, agus feuch ! bha e fein
agus a bhràithrean uile còmhla air magh a bha
dlù do laimh, ag oibreachadh gu dian, a' buain
agus a' ceangal ; agus an sguab mu dheireadh
a cheangail e, ni a chuir mòr ioghnadh air,
fcjheas i suas nam meadhon, mar uachdaran ;
agus rinn sguaban a bhràithrean uile ùmhlachd
dhi, mar iochdarain dheònach. Neo-eòlach air
mi-run no air farmad, agus am barail gu'n robh
a bhraithrean co saor uapa 's a bha e fein,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence