Skip to main content

‹‹‹ prev (95)

(97) next ›››

(96)
94
chum as giCn sìolaicli iad air an talamh,
agus gu'm bi iad torrach, agus gu'm fàs
18 iad lìonmhor air an talamh. Agus chaidh
Noah a mach, agus a mhic, agus a bhean,
19 agus mnài a mhac maille ris: Chaidh gach
uile bheathach, gach ni a shnàigeas, agus
gach eun, gach ni a ghluaiseas air an ta-
lamh, a rèir an cineil, a mach as an àirc.
20 Agus thog Noah altair do'n Tighearn,
agus ghabh e do gach ainmhidh glan, agus
do gach eun glan, agus thug e suas tabh-
21 artais-loisgte air an akair. Agus dh'fhair-
ich an Tighearna fàile cùbhraidh ; agus
thubhairt an Tighearna 'na chridhe, Cha
mhallaich mi rìs an talamh ni's mò air son
an duine ; oir a ta smuainte cridhe an
duine olc o 'òige ; ni mò a sgriosas mi
22 tuille gach ni beò, mar a rinn mi. Am
feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm
an t-sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus
teas, agus samhradh agus geamhradh, agus
là afTus oidhche.
GENESIS.
1 Caib. XII. — Agus thubhairt an Tigh-
earna ri h-Abram, Rach a mach à do
dhùthaich, agus o d' dhìshbh, agus à tigh
t'athar, do'n tìr a nochdas mise dhuit.
2 AgLis ni mi thu a''d' chinneach mòr, agus
beannaichidh mi thu, agus ni mi t'ainm
mòr : agus bithidh tu a'd"" bheannachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence