Skip to main content

‹‹‹ prev (78)

(80) next ›››

(79)
77
cruadalach tapuidh. Tha iad honadh a' chabh-
laich Bhreatannaich ]e deadh mharaichibh,
agus o so feudar a ràdh gu bheil iad 'nam
balla-dionaidh ^0"*^ rioghachd. Treun ri h-àm
cruaidh-chais, agus foghainteach ri h-uchd
feuma, theid iad gu h-aobhach suilbhir an dàil
gach tuiteamais a thig fa'n comhair ; agus
""nuair a bhios rioghachdan eile "'gar bagradh le
cogadh, seasaidh iad gu dìleas agus duineil ar
còir dhuinn.
Tha iad mar an ceudna a' tarruing mòr-
shaoibhreas do'n àite so le bhi reiceadh nan
sgadan tha iad sC glacadh ri diìthchannaibh
fad air astar. Chaidh reachdan a dhealbh
chum duais a thoirt doibh a relr an àireimh
sgadain a ghlacas agus a shailleas iad ; agus
a thuiileadh air sin cha'n 'eil cìs air bith aca ri
thoirt seachad air son an t-salainn tha iad a""
caithe sa' ghnothuch so.
Tha e tachairt gu minic gu bheil na sgadain
aon bhhadhna tearc, agus bhadhna eile hon-
mhor ; agus cha'n 'eil iad a ghnàth a' teachd
do na h-àitibh ceudna aig na h-amannaibh
suidhichte. Ciod is aobhar d'a so, cha'n 'eil
e an comas duinne a rannsachadh a mach.
Gidheadh am bitheanta tha iad a' teachd agus
3Ì falbh aig an àm shuidhichte, agus tha an
nàdur g'an aomadh chum an iuchragain fhàgail
sna h-uisgeachaibh sin san deach iad fein a
chladh agus àrach.
g3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence