Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
64
do bhàsaich iad, agus air do na tonnaii an tilg-
eadh a mach air an traigh, bha iad air an
carnadh suas cosmhuil ri balla àrd ; dh'fhàs
iad breun ann an ùine ghoirid, agus thog iad
plàigh ghràineil do'n t-sluagh bha tuineachadh
san àite sin.
Is eagallach an diùbhail tha na locuist a"*
deanamh anns gach cearn sam bheil iad a
chòmhnuidh : Tha gorta mhòr am bitheanta
'gan leantuinn, agus tha aghaidh na tahiihainn,
an dèigh dhoibh siùbhal thairis oirre, a dh'eas-
bhuidh aon hiibh,no aon bhileag do fheur gorm.
'Se Africa gnàth àite-còmhnuidh nan locust,
As a sin thàinig iad air uairibh do'n Roinn-
Eorpa, agusannsa'bhliadhnal748 bhabeagan
diubh air am faicinn an Sasgunn. Chuir an
sealladh so mòr-eagal air an t-sluagli ; ach air
do fhuaclid a** gheamhraidh teachd, chuir e
crioch air na locuist agus air an eagal faraon.
Cha'n 'eil a dh' innleachd aig mac an duine na's
urrainn cur as do na beathaichibh gràineil so ;
agus mur tugtadh sgrios orra air uairibh le h-
uisge, le fuachd, agus le gaoith ata'gan sèideadh
do'n mhuir agus 'gam bathadh, chreachadh iad
gu h-iomlan na dùthchanna tha iad ag àit-
cachadh.
Am measg nam plàighean uamhasach a thug
Dia air Pharaoh agus air a shluagh, 'nuair a
dhiult iad clann Israeil a leigeadh air falbh as
an tìr, chuir e locuist d'an criochaibh a chòmh-
daich agliaidh na talmhainn, agus a dh'ith suas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence