Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
57
dèìgh sin, chaidh Nebuchadiiesar a shealkainn
ciod a thacliair dhoibh ; agus air dha ain
faicinn ag imeachd am meadhon an teine,
agus aingeal an Tighearna maille riu, honadh
e le h-uamhunn, agus rinn e deifir, agus dh'-
orduich e an toirt a nios à builsgein na h-
àmhuinn theinntich dhian-loisgich.
A rèir orduigh an righ chaidh na daoine a
thogail suas; agus an uair a chunnaic Nebu-
chadnesar nach robh cumhachd air bith aig an
teine air an corpaibh, thubhairt e, " Gu raa
beannaichte gu'n robh Dia Shadraich, ì\Ihe-
saich, agus Abednego, a chuir a nuas 'aingeal,
agus a shaor 'òglaich a chuir an dòchas ann,
agus a chuir an aghaidh focail an righ, agus
a thug seachad an cuirp chum nach tugadh
iad seirbhis do Dhia air bith ach d'an Dia fein.
Uime sin tha mi toirt orduigh gu'm bi gach
sluagh a labhras ni sam bith an aghaidh Dhè
Shadraich, Mhesaich agus Abednego air an
gearradh 'nam bloighdibh, agus an tighean
air an deanamh 'nan dùin aoìaich, a chionn
nach 'eil Dia air bith eile ann a's urrainn tèar-
nadh air an dòigh so." Tha sinn sl foghkim
o'n eachdraidh so gu'm bi freasdal an Tigh-
earn an còmhnuidh mu'n timchioll-san a ni
bun à 'ghràs, agus a dh' fhàgas iad fèin an
taice ris : gu''n dion e iad o gach urchuid, agus
a rèir briathra an fhàidh, "'Nuair a dh'imich-
eas iad tre an teine cha loisgear iad, agus cha
dean an làsair greim orra."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence