Skip to main content

‹‹‹ prev (53)

(55) next ›››

(54)
52
agus gach craobh a lòm, gaoth reòtaidh a'
gfieamhraidh. Smuainichidh sluagh neo-
fhoghluimte gu bheil sC ghrian ag eirigh san
àird an ear agus a' dol fodha san àird an iar,
do bhrìgh nach "'eil iad a"* tuigsinn gu bheil
an talamh a" tionndadh mu'n cuairt, no a' cur
car dheth air a roth aon uair sna ceithir uairibh
fichead ; agus le so sl nochdadh na greine do
shùilean an duine mar gu'm biodh i ag èirigh
san àird an ear, agus a' luidhe san àircì an iar
gach uair a ta an talamh sl cur car dheth air an
dòigh so.
Tha cuid do na reultaibh tha sgeadachadh
aghaidh nèimh le sgèimh ghrinn, mòran ni's
mò na an saoghal so, agus tha daoine fogh-
luimte am barail gu bheil iad uile air an
àlteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil
riunn fèin. Comliairichidh am feallsanach le
innil-seallaidh beanntan agus uisgeachan air
aghaidh na grèine agus na gealaich — chi e
air uairibh cuid do na h-àrd-bheanntaibh a'
sgeith mach teine agus luaithre, amhuil a
ni beinn Etna ann an Sicih ; agus cha'n 'eil e
eu-cosmhuil gu'm feud na h-inneala-seallaidh
bhi air an leasachadh cho mòr, agus gu'n
comharaich iad fathast an sluagh gun àireamh
tha 'g àiteachadh gach mìle saoghal a ta mu'n
cuairt duinn.
Tha oibre Dhe ro-Honmhor agus iongan-
tach. Cha'n urrainn do chreutair cruthaichte
an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence