Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
42
ball-chrith a dh''ionnsuidh an righ. " Ciod a nis?
thubhairt an righ ris, " C'arson a ta thu fo
eagal?"" Fhreagair esan agus thubhairt e, " Tha
ceannairc air a chur as mo leth, agus am màir-
each gheibh mi bàs.'*' *' Carson a ta thu fo
thrioblaid co mòr air son an ni sin," thubhairt
an righ ris, " air dhuit fìos a bhi agad gu'n
toirear breth ort a mhàin le do bhràthair, agus
sin air son cùis do^m bheil thu neochiontach ?
Tha mi am barail gu'n aidich thu nis gur mòr is
mò na sin bu chòir eagal a bhi ormsa, a chionn
gur e Dia a bheir breth orm, agus sin ann an
cùis d'am bheil mi ciontach. A thuiUe air sin
ged thigeadh e gus a' chuid a's miosa, cha
bhàsaicheadh tusa ach bàs aimsireil, ach tha
mise eadar anam agus chorp buailteach do
bhàs siorruidh. Agus uime sin, 'nuair tha mi
a' dìteadh sluaigh eile air son cionta beag, nach
'eil leisgeul agam bhi tuirseach air eagal gu'm
l)i mi fèin air mo dhìteadh le Dia uile-chumh-
achdach gu peanas siorruidh ?"
(C.) AMAIDEACHD A BHI FO EAGAL SAN
DORCHA.
Tha mòran do shluagh òg ealamh gu bhi
fo eagal san dorcha, agus gu bhi sgàthach
mu thimchioli ni èigin aig nach 'eil bith ach
'nam breithneachadh diomhain fèin. Bu chòir
do'^n dream so smuaineachadh air amaideachd
agus faoineachd am barailean, agus a thoirt fa'-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence