Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
30
Am measg bhall ar cuirp clia'n 'eil a h-aon
is prìseile na'n teangadh, no aon tlia creutaire
truagha ni's deise air a mhi-ghnàthachadh
chum an aimhleis. Feudaidh an tcangadh bhi
air a stiùradh chum Dla a mholadh no a dhi-
mholadh; chum maith no chum olc a dheanamh
do'n chinne-daoine, agus chum leas no chum
aimhleas do'n neach d'am buin i. Tha Solamh
ag innseadh dhuinn gu bheil beatha agus bàs
ann an cumhachd na teangaidh ; agus tha ar
Slànuighear a' teagasg dhuinn " Gu'n toir
daoine cunntas ann an là a' bhreitheanais, air
son gach focail dhiomhain a labhras iad."'''
Bu chòir d'a so thoirt oirnn faire a chur air
ar bcul, agus ar fàgail ro cliuramach mu thim-
chioll gach focail tha sinn a' labhairt, cho maUli
agus mu thimchioll gach gniomh tha sinn a'
coimhHonadh.
Tha an t-Abstol Seumas ag ràdh " gur
teine an teangadh, — saoghal do aingidheachd ;
ionnus gu'n salaich i an corp gu h-iomlan,
agus gu'n las i cùrsa an nàduir, air dhi fein
bhi air a lasadh o ifrinn."' An urrainn ni air
bith a nochdadh dhuinn ni's soilleir na th,a na
briathra so a' deanamh, meud an uilc a dh'
fheudas èirigh o'n teangaidh, agus cia cho
mi-riaghailteach 'sa tha i, 'nuair tha sluagh a'
toirt srein di. Cha'n 'eil e 'n comas neach air
bith an teangadh a cheannsachadh gu h-iom-
lan ; is olc do-chasgaidh i, làn do nimh
marbhtach. Air an aobhar sin is còir dhuinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence