Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
28
(I.) MU BHEACHD-SMUAINEACHADH.
Moch air maduinn shamhraidh, ''nuair a bha
an t-athair fionn-fhualr, an talamh tais, agus
aghaidh a' chruthachaidh gu lèir ùrar agus
sgiamhach, dh'eirich òganach o "'leabaidh, agus
chaidh e do'n mhachaira bheachd-smuaineach-
adh. Is gann a bha an saoghal luaineach air
mosgladh ; cha do chrath sgios deth a throm-
chodal, agus bha fear an àrdain agus na h-
aimhreit tosdach air a leabaidh. Ghabh sìth
agus suaimhneas còmhnuidh air aghaidh na
tahiihainn, agus bha gach ni fo'n glirein ag
aomadh cridhe an duine gu ciùineas, agus a'
brosnuchadh 'inntinn gu smuaintibh diadhaidh
agus ghc. Thrèig an Uiseag a mhàin a nead,
agus dh'eirich i gu h-àrd air a sgiathaibh, a"*
fàikeachadh teachd an ùir-là o'n àird an .ear,
agus a' deanamh gairdeachas gu suilbhir agus
binn do bhrìgh a' mhaitheis a bha air a sgaoil-
eadh mu''n cuairt di. " Eoin is moiche gluas-
ad," thubhairt an t-òganach ; *' chompanaich
na maidne ! èiream mailleriutsa a thoirt buidh-
eachais, agus a dheanamh aoraidh dhasan a tha
toirt air dol a mach na maidne agus an fheas-
gairgairdeachas a dheanamh os mo cheann.""
" O cia tlachdmhor bhi dol do''n mhachair
aig an uair mhoch so, — bhi sealltuinn air a'
mhaitheas a ta air a sgaoileadh air aghaidh na
tahnhainn, agus le beachd-smuaineachadh air
obair a' chruthachaidh, bhi 'g eirigh ann an
smuaintibh <tu ruioj an Dia sin a chruthaich an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence