Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
ORAN DO BHAX-RIGH VICTORIA.
'S do mholaclh binn orra fhein 's an tir,
A bhi air a sgriobheacUi 'an cainnt nam Fiann,
Is bidh a' Ghàidhlig a nis 'am pris,
Ged a their teadh iiimp' gu'n do laidh a giian.
Co a dh'innseas dhut mèud an eibhneis,
A dhùisg an sgeul ud 'am measg an t-sluaigli ?
'S CO a leughas dhut mend ar speis dhut
A mhaldag cheutach nan ioma buadh ?
'Us ma thig nàmhaid ort nail thair saile
Bheir mic nan Gaidheal dha blar 'bhios cruaidli.
Ged 's gann an aii-eamh, 'us caoraich bhàna,
'S gach gleannan ard anns am b'àbhaist tuath.
Bu tu 'bhanacharaid, bu tu 'mhàthair,
Bu tu bàn-righ nam flaithean treun'
Gheabh aircich trocair, 'us truaghaiu deòir bhuat
'Us iochd gheabh fògraich na'n dùthchan cein',
Bu tu 'bhean chairdeil do'n fhiiiran aluinn
A chuir le 'ghràdh air do irdthibh sèun,
An leug a's luachmhoir' 'bha 'd'choron rioghail,
'S chuir Eigh nan Righ i na 'choron fhein.
A I'ois a's aillidh, a mhiann nan Gaidheal,
Nis guidheam laithean dhut a bhios buau,
'An sith 's an solas, le beannachd sonraicht'
Le buaidh 'us gloir air tìr-mòr 'us cuan ;
'S mar 'chuir tlm deadh-shiol 'ad thir 's 'ad theaghlacli,
A bhan-righ ghreadhnach, thu 'dheanamh buain',
'S ged dh'fheudas pàirt 'bhi gun bhuain an diàsd' dheth
Bidh saibhlean Ian' agad air La-luain.
'S 'n uair 'thig ga d'iarraidh an teachdair' diomhair,
'S is eiginn triall bho gach onoir mhòir,
Guidheam Criosta 'bhi 'cumail dion' ort
Fo sgàil a sgiath' bho'n is e 'bheir fbir ;
'S mar theid a' ghrian gu Ian deàrrsadh sios
Fo chùirtein sgiamhach nam badan oir,
Biodh do thriall-sa 'an sgèimh na diadliachd
Gu coron siorruidh 'an nof;hachd na gloir' !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence