Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
CLARSACH NA COILLE.
Cha 'n neonach learn ged 'rinn e sud,
Nan cuimhnicheadh e gnàths
Nan uaislean bho na ghineadh e,
'Bha fearail, daimheil, cinneadail,
Bha calma 'n am na h-iomairte
'S neo-ghioragach gun sgàth :
'S « 'n cruadal fèin an am na h-èigin
'Rinn dhaibh feum gu 'n geàrd,
Gur h-iomadh buaidh r'a h-innse
'Bh' air an t-sinnsearachd o 'n d' fhàs
Am fàillein maiseacli finealta ;
Bu choille 'bha gun chrionaich innt'
Na Leathanaich shean rioghail ;
'S iad nach striochdadh gun cheann-fàth':
Gun dad athaidh 'n aodann catha
Bhiodh ri sgàth na sàir.
Bu trie a dh' fheuch an gaisgeach ud,
Iain Garbh, a neart 's a chruas;
Bu sheobhag luath gu reubadh e,
Bu leoghann colgarr' creuchdach e,
An Grisiboll nan euchdan
Is e toirt le 'threine buaidh :
Sheas e àite, ghleidh e 'n làrach,
'S ghabh Clann-Nèill an ruaig.
Gur h-iomadh curaidh neartmhor
A bha 'm Breac-Achadh le buaidh;
Gur lionmhor blàr 's na thaisbeanadh
Le Lachainn a' chruaidh-sgairtealachd,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence