Skip to main content

‹‹‹ prev (163)

(165) next ›››

(164)
160
'S trompaid Dhè e ni feum do thraiUean,
'S do luclid nam fiachan nach urrainn paigheadh,
Blia ceangailt' riamh aim an' cuibhreach Shatain,
'S gum faigh iad fuasgladli 'san uair ma's aill' leo.
'S e 'n sgeul ro phriseal bheir sith a's suaimhneas,
Do 'n dream tlia sgith a's fo throm uallach,
Tha 'n lagh 'g an diteadh 's 'g an sior-ruagadh,
Gu fois a's sith ann am fuil an Uain sin.
Tha'n t-aran beo ann, 's gu leor ri fhaotuinn,
Do'n mhac struidlieil bha deothal nam plaosgain ;
Tha Athair trocaireach ruith 'na chomhail,
A's bheir e pog dha le moran faoilte.
'S e 'n sgeul lo-glirasmhor do'n aireamh sluaigh sin,
A threig an cairdean 's a rinn each chur suarach,
Gum faigh iad peath'raichean agus braithrean,
'S bithidh an Ti is aird deanamh cairdeas buanriu.
So sgeul air fireantachd fhior-ghlan akiinn,
A's deise rioghail theid sios gu'n sail'ean,
'S na f huair am fireantachd fein ro ghraineil,
Sud trusgan dubailt bhitheas ur gu brath dhaibh.
Tha'n Soisgeul priseal do'n Ti chaidh sharach',
Air son bhi dileas air taobh an t-Slanaighear :
Cha bhi dith air dol trid na fasaich,
'S tha an saibhreas fior aig an tir Immanueil.
A chairdean ga©il nis nach gabh sibh coir dheth,
'S gum bheil iad saor dhuibh na nithe ghlormhor,
O'n 's rabhadh fior e, cinnt 's mor an diteadh
Do'n dream ni di-inheas air shiint co mo ris.
a' CHRIOCII.
KS, PKIXTEKS, EDINBURGH.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence