Skip to main content

‹‹‹ prev (155)

(157) next ›››

(156)
152
'S cha bu truagh leat a ran no ghaoir,
Ged bha broiUeach cho blath,
'S a cuid chiochan cho lan,
Thug thu uaipe a h-aillegan gaoiL
'S ged robh an teaghlach a fas
Lan caoimhneas a's blatbas,
'S iad nan oighreachain ard air sith,
Thig thu fèin a's am Bas
Leis an sgenl nach bi blath,
G'an cuir o cheile an drasd 's a rithis.
Chunnaic mise thu co fuar
'S claun a ranaich aig do bbruaich ;
Thug thu am parantain iiath' le cheile,
'S 'sann dh'aithn thu gun truas
lad dhol dhachaidh gu luath,
Ged dh'fhag thu an dachaidh co fuar nan deigh.
' Bhrist thu ceanghlaichean gaoil
Eadar mhnathan 's daoin,
'Kuair bu tairis an gaol 's an speis ;
Thug am bas dhiubh an snuadh
'S rinu thusa an caramh fo'd bhruaich,
Air choir 's gun d'fhas iad gle f huar da cheil'.
Thug thu leat na cinn iul
A's dh'fhag thu an Eaglais bruite,
'S a luchd teagaisg san uir nan tamh ;
Bheir thusa leat do chuid fèin
Ged a sgapadh an treud,
'S an dream bha an caidraibh a cheil' co blath.
'S a mhiad 's a bheir thu fo chis
Cha'n eil deir ort a rithis ;
Ni thu 'm pronnadh co min ri luaith,
'S cha'n aithnich neach a chuid fein,
Ki thu masgadh le cheil'
'S ann mar sud tha thu fein gun truas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence