Skip to main content

‹‹‹ prev (141)

(143) next ›››

(142)
138
Ach '8 mor an smuainach nar truailleachd (èìn,
'S a dol measg sluagh 's nach eil eagal Dè,
'S mo threigeas Dia sinii bithidh sinn gun dian,
A measg sluagh co fiadhaich ri coin nan speur.
'S e an sluagh a thcarnadli th'againn mar chrioch,
'S mo bhitheas a ghras leinn cha d'theid sinn cli,
'S tha sinn an dull gu'm bi esa' na dhian duinn,
Oir 's e tha riaghladh air muir 's air tir.
Earbaibh gu leir sinn ri Righ na sith,
'S bheir sinne sgeul dhuibh 'nuair theid sinn tir,
A's bitliidh an sgeul ro ghlormhor air sluagh tighino
beo ann,
A chuireas solas air feadh nur cridhe.
'S theid sinn gu fasaich taobh thall a ehuain,
A dh'ionnsuidh Africa 's gheibh sinn sluagh,
A ruitheas ruisgte feadh nan coilltean dluth ain,
Gun neach toirt iul daibh air sonas buan.
'S ri taobh n'an abhnaicheann ni sinn tamh,
'S le moran gradh thig iad faisg do lamh,
A's cuiridh sinn an geil dhaibh sligh na firinn,
'S bidhidh iad co siobhalt ri aon do chach.
'S 'nuair gheibh iad eolas air gloir an Uatn,
Bitheadh gradh gu leor aca dha fèin 's d'a shluagh,
Bitheadh naomhachd fas ac' bithidh maise a's blathas
ac',
A chuireadh naire air luchd aidich fuar.
'S na bhitheas nan traillean diubh aig an t-sluagh,
'S iad trie gan sarach gun iochd gun truas,
Ni *n cridhe gairdeachas anns an t-slanaighear,
'S 'nuair thig am bas ni iad sonas buan.
'S theid sinn gu Innseanaich dubh gu leoir,
'S bithidh teas na grein a toirt uainn nar treoir,
Far 'm beil an sluagh their gu'n dThuair iad teamadh.
Mo theid am bathadh 'san abhuinn mhor.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence