Skip to main content

‹‹‹ prev (139)

(141) next ›››

(140)
136
'S bhithinn toilichte gu leor
A dhol ad chomhail le misneach.
Ach bha mo shoitheach co deothach
Gun 'n t'uisge beo ud a chumail ;
Cha mhaireadh sud ach car moment^
A's bliitheadh an f heoil '<i; iarraidh fuireach :
Ach 'nuair theid mi thar Jordan,
Cha bhi bron ann no mukd ;
'S bithidh mi faicinn do ghloir,
'S mo ghrian gun neoil a chaoidh tuille.
Ach 's aobhar mulaid ri smuainach
Na tha deth shluagh air am mealladh,
Chaith an saothair 's am buaidliean
Gun f hios no suaimhneas air thalamh ;
S iad diulteadh 'n fhior uisge bheo so,
'Sam bheil solas gun ghainne,
Chum an uireasbhuidh riarach,
Tha mil, a's fion, agus bainne.
Learn is sona an aireamli
A fhuair gras gu bhi tarruing,
Sith a's sonas gach la,
A tobar slainnt' nach bi falamh,
Theid iad gu talamh Chanaan,
'S bitheadh 'n tobair Uan 's a cuir thairis,
'S iad ag ol do 'n abhninn tha aluinn,
'S i ruith air straidaibh na cathairach.
ORAN NA MISSIONARIES.
Tha 'l suisgeul buadhach air sluagh gun ghras,
'San dream nach cual e n'an clann do'n bhas,
Tha iad an comhnaidh gun Dia *s gun dochas
Adhi obhail eolais air sligh' na slainnt.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence