Skip to main content

‹‹‹ prev (131)

(133) next ›››

(132)
128
Ach bha do spiorad stri Hum
'S bha diteadh annam fein ;
'S chuir sud mi dh' ionnsuidli Bhiobuill,
A dheanamh sith a's reit :
Chuir sud mi dh' urnuigh an uaigneas
'S mi buachailleachd na treud
'S bhitheadh m'inntinn tighinn fa bhuaireaa
A's uamhasan ro gheur.
Ach thuitinn 'sa mhi-churam,
A's mhuchainn Spiorad Dhè ;
A's mar neul na maidne shiubhladh
Gach dusgadh bh' annam fein ;
'Nuair thachrainn ris an t-sluagh
Bhitheadh cuir suarach nithibh Dhè
Labhrainn agus ghluaisinn,
Do reir an gluasad fein.
An sin theicheadh Maois 's ua Faidhean
'S gach Brathair fada uam ;
'S iad call an duil gu brath dhiom
'S mi diultadh gras an Uain :
Ach cliu gu'n robh gu brath dhuit
A shlanaighear na'm buadh !
Lean thu anns gach ait mi,
Gu 'm thearnadh as gach truaigh'
Lot do shaighdean geur mi
A's dh' eigh mi air son sith ;
'S dh' fheuch thu dhomh mar geillinn
Gu'm b'eigin dol an di .
Thuig mi gu 'm b' f haoin mo dhochas,
'S gu'n robh mo sheolan clith
'S gu'n robh mi 'n cunnard mor
A bhi 'n doruinn gun chrich.
An sin bheirinn geill gun dail
Do na h-aitheanntean anns gach ni ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence