Skip to main content

‹‹‹ prev (124)

(126) next ›››

(125)
121
'S math dhaibh iiìs gu'n d'fhuair iad
Co luath dol as an fheoil,
'S a dhol a stigh do'n t-shuaimhneas,
Far nacb bi luaidh air bron ;
liithidh iad gun smal gun truaiireachd,
Ma'n cuairt do'n Chathair nilior ;
'S bithidh h-uile neach thug buaidh ann
'S an t-Uan 'na uile ghloir.
Cha toir corp a pheacaidh
Air seachran iad ni 's nio,
'S cha bhi iad mar a chleachd iad,
A' gleachdadh ris an fheoil ;
A's saigh'dean teinnteach Shatain
Gu brath cha tig 'nan coir ;
'S cha'n fhaigh mi-chreidimh ait' ann,
Le laithreachd Righ na gloir.
Nan smuaintean olc a's diorahain,
Bha riamli 'g an cuir fo leon,
'S na li-aignean mi-rianail
Nach striochdadh dha na choir ;
Gach latha bochd a's cianail,
Le 'n griau a bhi dol 'sna neoil,
Theich sud mar sgail na h-oidhche,
A's shoillsich orra an lo.
Cha ghearain an luchd-aitich,
Air tinn, no bas, no truaighe ;
Tha craobh na beatha fas,
Ann am meadhun Pharais shuas ;
'S tha duilleagan co aluinn,
'S gu'n slanuich iad an sluagh,
'S tha toradh feadh gach la oirr',
'S fo sgail tha sonas buan.
'S trie bha iad laisd' le solas,
An gleann nan deoir so fein,
Ach 's trie a thigeadh neoil air,
'S bhitheadh iad fo bhron 'na dheigh
L

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence