Skip to main content

‹‹‹ prev (109)

(111) next ›››

(110)
106
Ma bhitheas iad ag urnuigh 's a leughadh.
Trie a smuainach 's gur leir dhaibh ino bhi-igh.
Rinn mi fianuis 'san t-saoghal,
O'n la thug ]Maois mi o'n iiaigh ;
Ach 's trie a chuir iad gu faoin mi,
'ri trie a sheachain iad m' f haobhair blia eruaidh,
'S trie a chuir iad gu bas mi,
Ann an Sodom 's am Babilon thruagh,
'S trie a luidh anns na sraidean.
Fo na cosan bu taireil de 'n t-sluagh.
Ach tha mi nis orra ag eirigh,
'S chi mo naimhdean gu leir mi del suas,
*S tha mo chairdean fas treubhach,
'S a cuir an guail'nibh ri cheile 'san uair-s',
Tha aon aingeal ro threun,
Kuith learn mar iolar nan speuraibh ag luathas
\S tha Aingeal eile ag eigheach,
Thuit Babilon bhreun ann san uaigii.
A's theid mi gu iomal an t-shaoghail,
Deananih sgeul air Fear-saoruidh na'm buadh,
'S ni mi bhratach a sgaoiladh,
Chum 's gu'n tionail na daoine ma'n euairt ;
Labhraidh mise anns gaeh canain,
'S ann air slighe na slainte bhitheas mi luaidh ;
'S theid na Cinnieh a shlanach',
'vS bheir iad cliu agus gradh 's ann do'n Uan.
'S iomadh neach bha gun dochas,
'S iad air seachran gun eolas air sith,
Kinn mi shoillseach' 's a sheoladh,
Dh'ionnsuidh oighreachd a's gloir ta gun chrich ;
'S iomadh eridhe a bha bronach,
Rinn mi subhach le eolas air Criosd ;
'S rinn mi glic am fear gorach,
'S rinn mi cairdean de mhoran bha stnth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence