Skip to main content

‹‹‹ prev (101)

(103) next ›››

(102)
98
'Sea ghaol a bha siorruidh riaraich einne,
A's Dia bhi leinne 'san fheoil ;
A's cupan a ghaol bhi taomadh thairis,
'S e saor dh'ar n-anam ri ol ;
Tha buaidh ann na ghradh a dh' arach cloinne,
Ni 's fearr na bainne agus fion :
'S an t-anam bhitheas truagh 'ga ruag 's e falamh^
S' e an t-Uan so baile na dion.
Tha iocshlaint' 'na bhas, 's a tha slaint' 'na ghealladiu
*S fo sgaile tha commun ri Dia ;
'S tha feartan gu fas o ghras a sruthadh
Bheir bas air cumhachd gach miann ;
Tha abhnaichean solais glormhor fallain,
Tighinn beo o charraig nan al ;
So 'm fior uisge beo chuireas ceol 's gach anam,
A dh'olas glan e mar tha,
•S e tn' fhireantachd shaor, 's mo naomhaclid ghlan e
M' Fhear-saoruidh, 's carraig mo shlaint ;
S e m* altair, a's m'iobairt-sith, a's mo charaid,
Mo Eigh, mo Shagairt, a's m' Fhaidh ;
'S ar bhunait chinnt' cloch-chinn na h-oiseann,
'S e an Ti a choisinn mo ghradh ;
'S 'n uair thig e ris bidhidh mi ris cosmhuil,
Ge dibhdh bochd mi an trath-s'.
'S ged luidh mi 'san uir, theid mo dhusgadh rithisd
Thoirt diu do Tighearn na gloir ;
'S an nair theicheas gach duil roimh ghnuis a bhreith-
eamh,
Tha mo duil ri tighinn na choir ;
Thig cuirt leis nuas do shluagh nam flaith'eas,
'S bidhidh an t-Uan air cathair na gloir,
A's tionailidh 'n sluagh, 's theid an uaigh a chra*
thadh
Le fuaim an latha bhitheas mor.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence