Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
Aig mo rainihdibh an sas,
Ann an ceanglaichean bais,
'S iad ga m' mhealladh gach la gu truagh.
Ach o*u runich thu, Righ,
Nach rachainns' an di,
Ghlachd thu greim dhiom, a's mi air a bhruaich
'S air dhuit sgaoiladh an lin,
'S ann fhuar mi saorsa, agns sith,
'S thionndaidh m'aghaidh air Sign shuas.
Bu bheag m'eolas 'san am,
Ach '8 tu bu chomhnadh dhomh ann,
Ga mo threorach trid ghlearm nan deoir ;
'S mur bhith gun ghreas thu mi teann,
'Naair bhithinn leasg agus fann,
Cha robh mo shuiWial ach mall 'san rod.
'S e dh'f hag mo shiubhal cho mall,
'S iomadh leoghan a bh'ann,
A seasamh romham mar bheanntan buan ;
Ach le do leantuins' gu teami,
Chunnaic mise aig a clieann.
Nach b'e'n leoghan bh'ann, ach an t-UAN.
'Nuair sliiubhlinn da cheum,
A's mo shuile riut fèin,
Bhitheadh an t-slighe dhomh reidh dòl suas ;
An sin bhithinn gu treun,
'S bhitheadh mo chridhe rium reidh,
A's thairneadh sud mi 'n ceumnaibh luath.
Thairneadh sud mi gu ceol,
Le bhi 'faicinn do ghloir,
'Nuair a sgapadh nan neoil, le'n gruaim ;
'S le bhi 'faicinn do ghaoil,
A deanamh taice dhomh gach taobh,
Bha mi 'faicinn 's a faotuinn buaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence