Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
30
"S ìad air an deanamh sgiamhach le iomhaigh
MhicDe,
Chum dealradh gu siorruidh mar ghrian anns aa
speur.
CALBHARI.
*S trie mi smuaineach, 's mi m'aonar,
Gu'm bheil an saoghal so truagh ;
*S iomadh bron tha ri f haotainn,
Air an taobh so do'n naigh ;
Feumaidh oighreachean neimh,
A dhol trid dheuchainnean cruaidh ;
Ma'n ruig iad an oighreachd,
'S am bheil aoibhneas bith-])huan.
Ach tha aon ni g'an leonadh,
Gu'm bheil an comhnuidh 's gach uair
Mar bha Lot ann an Sodom,
A faicinn do-bheairt an t-sluaigh ;
A faicinn cairdean, 's luchd-eolais,
Agus moran cho truagh ;
'S gur e bhi toileach na feola,
An ni sonraichte tha uath.
Ciod dh'itheas, ciod dh'olas,
Ciod bheir solas an traths ?
Ciod ni sgiamhach an f heoil dhuinn
*S e tha moran aig radh ?
Cuid le aighear 's le sugradh,
Caitheadh 'n nine gun sta ;
Is iad a ghnath cho beag curam
Eis na bruidean gheibh bas.
Nuair a chuimhnicheas mi 'n caramh,
'S trie a dh'f hag e mi sgith ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence