Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
20
Ach chi sinn moran na bhreith, a's na bhas dheHi,
Is chi sinn pairt dheth 's na h-uile ceum :
Chi sinn e tighinn o staid cho arda,
A's gur ann dasan bha ainghlean De —
A' deanamh aoraidh, le an anarnaibh crabhach,
A's an aghaidh sgail air le'n sgiathaibh fein.
Ach rinn e mhorachd 's a ghloir sin f hagail,
A's 's ann dh'fhas e na dhuine truagh ;
Bha 'n Ti a b'àirde air a bhreith 's an stabull,
An t-ait' bu taireal am raeasg an t-skiagh ;
Cha 'n ann le morchuis a f huair e arach,
Cha 'n ann le ailgheas chaidh thogail suas ;
Bu duine craiteach o bhreith gu bhas e,
Cha 'n f hac iad ailleachd air bith na ghruaidh.
Bu duine bronach air iomadh doigh e,
'nuair a thoiseach a thuras sgith ;
Air son a ghraidh thug iad fuath gu leoir dha,
'S bha iad ga fhogiadh o thir gu tir ;
Bha na h-ludhaich gu dluth an toir air,
Chum a leonadh. 's a chur fo chis ;
O 'n bha dorchadas air an chomhdach,
'S gu'm b'e ghloirsan an solus fior.
Cha d' rinn e tair air an dream bha ard dhiubh,
Ach thug e an aite dhaibh, a's phaidh e cis ;
A's air na sraidaibh cha chual laa ara e,
'S an uair f huair e chaineadh, cha d' chain e ris ;
Le meud a ghairdeachas ann ar slainte,
Chuir e an naire an neo-bhrigh ;
'S le meud a ghraidh dhuinn ghabh e ar nadur^
Clium ar tearnadh o'n t-slochd a b'isle.
Anns a cheart nadur 's na pheacaich Adhamh,
'Nuair thug e am bas air a shliochd gu leir,
'S ann rinn an Slanaighear gach ni an aird deth,
'S an lagh rinn ardach le umhlachd fein ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence