Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
17
Nis do thoil gLi'n robh deant',
Oir gu cinnteach 's tu fein 's fearr coir.
Ach 'nuair chunnaic iad mi,
Thoiseach mulad a's strith,
A's is e mi dh'f luiireach ris a b'aill,
Ach leigaibh cliead domh thubhairt mi.
Clium 's gu'n siubhail mi 'u sith,
'S e bhi maille ri Criosd as fearr.
Tiia bhur comunn domh faoin,
'S tha mi ullamh 's an t-saoghal,
Ged thug sibh dhomh gaol gu leoir,
Carson bhitheas sibh cho dian,
Ga mo chumail am pian,
'S gu'm bi mi soillseach mar ghrian an gloir,
Slan leibh air son tim,
Gus am faic mi sibh ris,
Anns an aite 'san d'theid crioch air bron,
Dluth-leanibh ri Criosd,
Is greim las do gach ni,
Tha sibh faicinn an tir nam beo.
'S 'nuair dhuin iad mo shuil,
Thainig ainghlean na cuirt,
'S thug iad mis leo cho dluth 's cho luath,
'S ann am priobadh na suil,
Bha gach ni dhomh cho ur
'S ann bha mise 's an lerusalem shuas.
Sguir na tuiltean le'n toirm,
*S thug iad mise as gach stoirm,
'S mar sgiath na maidinn thug orm bhith luath
'S chaidh sinn troimh na gUnn dorcha,
Far nach bu leir dhuibh bhur lorg,
Ach tiiainig sonas nis orm bhitheas buan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence