Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
15
'S e so na neimh ris am beil mo dhochas,
Far am bi e Uìn cha bhi bas na bron ann,
Far am bi mi naomh, snamh an cuan a ghaoil-san,
Slan leis an t-saoghal is gach ni bha 'n toir orm.
ORAN MO LEANABH OG.
'S leanabh solasach mi,
Gle og chaidh e tim,
Chaidh mo threorach on chich do'n uaigh,
'S ged bu ghoirid mo thim,
Gabhail fradharc do'n tir,
'S mor th' agam ri innse do'n t-sluagh.
Nach b' e an teachdair' gun truas,
A thug leis mi cho luath,
O'n a bhroilleach 's an d' f huair mi bias,
'S thug mi do'n bhanaltrum f liuar,
Ris an can iad an uaigh,
A's riarah cha b' aithne dhi truas na blathas.
Ged bu ghoirid no chuairt,
Fhuair mi fradharc car uair,
Gu'n robh am peacadh dhomh dualach og,
'S dh'aithneach mise gu dearbh,
Gu'n robh esa na ni searbh,
Toilltinn mallachd a's fearg ro mhor.
Ged nach do pheacaich mi riamh,
Ann an cleachda na'n gniomh,
Cha deach mi seachad gun phian a's bron,
Thainig puinsean 's an f hreumh,
Ann an Adhamh, 's an Eubha,
Ruith mar phlaidh anns gach geug a's meoir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence