Skip to main content

‹‹‹ prev (1)

(3) next ›››

(2)
Fhir-leughaidh, tha uUuchadh anns
an t-soisgeul mu choinninih do bhea-
tha spioradail cho maith ri do bheatha
shiorruidh. Tha an Tighearn losa 'n
a Shlànuidhear iomlan. Cha-n 'eil
buiU marbh aig a Cheann mhòr bheò
sin. Cha-n e mhàin gu bheil a pho-
bull a' faotainn fìreanachaidh agus
maitheanais, ach tha iad air am beotha-
chadh maille ris, agus còir aca 'n a aise-
irigh. Ris-san tha an Spioraid ag
aonadh a pheacaich, agus 'g a thogail
suas trid an aonaidh sin o bhàs chum
beatha. Annsan tha am peacach beò,
air dha creidsinn. 'S e Criosd a chomh-
arraicheadh mur thobair gach beatha
spioradail, agus chomharraicheadh an
Spioraid iiaomh mur an neach a chomh-
pàrtaicheas a bheatha sin ris an anam.
Ma 's àill leat beatha 'bhi agad, thig
chum an Tighearna losa Criosd. Cha
tilg e mach thu. Tha tiodhlacan aig
eadhon do 'n cheanuairceach. Cho
luath 's a bhean an duine marbh ri
corp Elisa, bheothaicheadh e agus sheas
e air a chosaibh (2 Righ. xiii. 21).
Cho luath 's a bheanas tusa ris an
Tighearn losa Criosd le laimh a
chreidimh, tha thu beò do Dhia, maille
ri maitheanas 'bhi agad dha d'uile
j)heacaidheau. Thig agus bithidh
d'anam beò.
Cha-n eil mi an eudòchas thaobh
neach a thighinn gu bhi 'n a fhior
Chriosduidh, ge bi mar 'bha e anns
na laithibh 'chaidh seachad. 'S aithue
dhomh cho niòr is a tha an ceum o
bhàs gu beatha. 'S aithne dhomh
cruas, lethbhreth, peacadh uamhasach
a chridhe nàduraich. Ach 's aithne
dhomh gun d'rinu an t-Athair glòr-
mhor an saoghal à neo-ni. 'S cuimhne
leam gun d' ràiuig guth an Tigheai-na
losa air Lasaras an uair 'bha e ceithir
laithean marbh, agus gun do thog e o
an uaimh e. 'S cuimhne leam gach
buaidh iongantaich thug Spioraid Dhia
am measggach fine. 'S cuindme leam
.so uile agus is dearbh leam nach ruig
mi leas bhi ann an eudòchas.
C'arson nach bitheadh e mar so ?
Tha an Spioraid Naomh 'n a Spioraid
tròcaireach agus gràdhach. Cha-n 'eil
e 'pilltinn o dliuiue sam bith airsou a
thruaillidheaohd. Cha-n 'eil e a gabh-
ail seachad air duine sam bith airson
a pheacaidhean a bhi dubh no sgarlaid.
Cha robh ni am measg nan Corin-
tianach bha n' a aobhar gun tigeadh
esan a nuas chum am beothachadh.
Tha Pol ag ràdh mu 'n dèighiun gun
robh iad " 'n an luchd-striopachais, 'n
an luch iodhal-aoraidh, 'n an luchd-
adhaltrannais, 'n an daoine 'bha cion-
tach de neo-ghloine mi-nàdurra, 'n an
gaduichean, 'n an daoine sanntach, 'n
am misgeirean, 'n an luchd-anacainnt,
'n an luchd-foireigne." " Mar so,"
ars' esa, " bha cuid agaibhse." Ach
eadhon iadsan bheothaich an Spioraid.
C' arsoa nach bitheadh e mar sin?
Tha au Spioraid 'n a Spioraid uile-
chumhachdach. 'S urrainn e an cridhe
cloiche 'dheanamh 'n a chridhe feòla.
'S urrainn e an duine a thionndadh o na
droch cleachdaidhean 's ceangailte ris
am bheil e, eadhon mar a loisgear as-
gart roimh an teine. 'S urrainn e na
nithean is cruaidh a dheanamh socrach,
agus na nithean 's mo tha aig duine
an aghaidh ni, a thabhairt gu bhi a
leaghadh as mar shneachd an earraich.
Rinn e e, agus 's urrainn e a dheanamh
rìs.
Is urrainn an Spioraid ceai'd Sasun-
nach a ghabhail, duine guu fhoghlum,
gun mhoidhein, gun airgiod — duine
'bha uaireigin comharraichte airson
mionnan, agus toibheum — agus 's ur-
rainn e tabhairt air an duine sin lea-.
bhar dhiadhaidh a sgriobhadh, do nach
f haighear coimeas am measg na chaidh
'sgriobhadh o laithibh nan Abstol.
Riun e so mar tha. Rinn e so le Eoin
Buinian, ùdair " Turus an Eilthirich."
'S urrainn an Spioraid seòladair
a ghabhail, làn de pheacadh, agus
de shaoghaltachd — Caipdein aingidh
luing-thraiUean — agus's urrainn e an
duine sin a dheauamh 'n a mhinistear
cumhachdach an Tiomnaidh nuaidh
— 'na fhear-sgriobhaidh air litrichibh
a tha 'u an tigh-stor de fhaireachadh
a Chriosduidh — agus 'n a ùdair laoi-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence