Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
37
Words by Neil Macleod.
"Clarsach an doire."
Mo Chruinneag Ileach
(My Islay Lassie).
Harmonised by Archd. Ferguson.
^P
Chorus. Lively.
jy^j-
^m
fp^f ^f
p
^Tr
i i t '
r-r
±=2
« — «H-*— i — := ^ m —T—m—m— s
fefef^EfrF
'tha muladach ! Nach robh mi 'n
wt
?^£
1 An eilean uaine
Nan cluainibh glacagach,
A dh' fhag mi 'gliruagach
A 's uaisle cleachdaidhean ;
Gur trie mi 'bruadar
Mo luaidh 'bhi 'n taice rium,
'S 'n uair 'ni mi dusgadh
Mo run cha 'n fhaicear learn.
2 Cha 'n e 'cuid storais
'Thug dhomhs' an acaid so,
Ach meud a boidhchead,
'S a comhradh faicilleach —
Tha 'cruth gun fhotus
'S gach seorsa mais' oirre,
'S a guth cho ceolmhor
Ki eoin na maidne leam.
3 Ged tha Dun-Eideann
Cho eibhinn caithreamach,
'S na miltean te ann
Mar reultan lainnireach —
Le'n or a' dearrsadh
Air sraid cho farumach —
Ach cha bhi 'n ailleachd
No 'm blath ro mhaireannach.
4 Thoir dhomhs' a' mhaighdeann
'Tha bainndidh cumadail,
Gun cheilg gun fhoill,
Ach gu caoimhneil furanach ;
Ged nach biodh 'saibhreas
No 'h-oighreachd bunai teach,
Gu 'in bithinn aoibhneach
Le loinn na cruinneig sin.
5 Ged chaidh a h-arach
Aig traigh nam marannan,
Tha 'buadhan laidir
'S tha 'nadur carthannach,
Thug gaoth nan ard-bheann
Dhi slaint' 'us fallaineachd,
Mar ros an garadh
Fo bhlath gun fhannachadh.
6 Gu 'm b' e mo dhurachd
'Bhi dluth do 'n chala sin —
'S 'n uair 'theid an diidlachd
Air chul cha 'n aithreach leam —
Cha d' thug mi duil dheth
Nach stiiiirinn thairis ann,
A dheanamh cumhnant
Ri run nan caileagan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence