Skip to main content

‹‹‹ prev (521)

(523) next ›››

(522)
602 OEAIN
R AN.
Leis an Lighiche MacLachainn nacii maireann.
Tlia na siantan air caocliladb, tlia'n saoghal fo sproclid,
Chiiir an doineann fhuar, fhiadhaich an ianhiidh 'n an tosdj
Tha sneachda trom, dòmhail a' còmhdach nam beann, —
A' lionadli nan glacan, 's a' tacadh nan allt,
'S mise 'feitheamh an aisig aig carraig a' chaoil,
Ili smaointean air àbhachd nan hiithean a dh' aom.
Ann an làithean ar n-òige dol 'an còmhdhail an t-sluaigh,
Cha sheall sinn ach faoin air mar dh' aomas iad 'uainn ;
Cha tig e 'n ar smaointean cho goirid 's tha'n dàil,
Gus am brùchd oirnn gach leòn ni ar lùbadh gu làr,
Gun chùram_ gun èislein aig teumadh air taobh
Air làithean a' snàg 'uainn gun àireamh aii' aon.
'N uair a luidheas an aois oii'nn 's a dh' aognas ar snuadli,
Ar ciabh 'dol 'an tainead, agus smal air ar gruaidli,
Bi'dh teugmhail nan còmhlan a' còmhradh gu truagh,
Agus càirdean ar n-òige air sòmhladh 's an uaigli,
'S ann an sin bhios ar cridhe làn mulaid a's gaoid,
Ri smaointean air àbliachd nan làithean a dh' aom.
O ! Ard-Rìgh na cruinne, ceann-uighe ar dùil,
Air an t-sneachda fhliuch, fhionnar dhuit a lùbas mi glùn;
'S guidheam gu'n òrduich thu dhòmh-sa gu glie,
'Bhi 'cuimhneachadh d'òrduigh gu h-ùmhal 's gu tric,
Chum 'n uair chriochnaicheas m' astar ann an glacaibli an aoig,
Nach cuimhnich thu m' fhàilinn anns na h'iithean a dh' aom.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence