Skip to main content

‹‹‹ prev (500)

(502) next ›››

(501)
GHAIDHEALACH.
Thug thu choill ort 's cha d' rinn thu m' fhoighneachd
'S e fear gun chaoimhneas a rinu thu phòsadh,
Toil do chàirdean a thug 'na dhàil thu
'S na 'n robh mi làmh ruit cha d' rinn thu 'n cbrdadh.
Thug thu 'n àirde bha 'n ear 's an iar bhuam,
Thug thu ghrian bhuam bhàr na mòintich,
Thug thu 'n cridhe bha stigh am chliabh bhuam,
'S mar d' thoir thu 'n ciall bhuam cha 'n aobhar bhrbin
Mo cheisd air ainnir na bilean tana
Do shlios mar eala 's do mheall-shuil bhòidheach,
Do dhà ghruaidh 's iad air dhreach nan caoran,
Do mhala chaol 's i mar it' an lòn-duibh.
Tha mi so 's mi air lagan uaigneach,
A' caoidh na gruagaich a rinn mo leònadh,
A rinn mo bhuaireadh le meud a suairceas
'S gu 'n cunntaiun suarach te uasal, òi'dail.
DUTHAICH NAN CRAOBH.
Seisd. — A bhi fàgail na dùthcha,
'S a bhi togail a siùil rith',
'S a bhi stiùireadh a cùrsa
Gu dùthaich nan craobh.
Gur e mis' tha fo smuairein,
'S mi a' seòladh thar chuantan,
A's mi 'g ionndrainn nan duanag
'S tric a fhuair mi 'o m' ghaol.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence