Skip to main content

‹‹‹ prev (373)

(375) next ›››

(374)
354 ORAIN
An cuiniliiie leats' an gleannan nain'
Far au robh sinn òg a's luatli,
A' buain nan sòbhrach feadh nam bruach,
'S gun luaidh againn air dealachadh.
A's far an robh sinn ait le chèil',
A' ruith a' bhradain leis an leus,
'S a' sealg a' choilich aii- a' ghèig,
Mu'n d' thog sinn ceum an allabain.
Ach 's cian bho'n sgaoil sinn deas a's tuath,
Chaidh cuid thar bheann a's cuid thar chuan,
Cha chluinn mi 'n diugh an coileach ruadh,
Ged bheirinn duais nach canainn aii*.
Ach fàr do làmh mo charaid ciùin,
A's cuir an smalan so air chùl,
Oir chi sinn fhathast tìr nan stùc,
A's bidh sinn sunndach aighearrach.
0, eiribh 'illean, lionaibh suas,
A's cuiribh farumach mu'n cuarrt;
Do thìr nam beann, nan gleann, 's uan cruach
Gun òl sinn cuach 's an dealachadh!
MOCH 'S A' MHADAINN RINN MI GLUASAD.
Seisd. — 111 ù ill o, ho ro èile,
111 ù ill o, ho ro bha ho,
111 ù ill o, ho ro èile.
Moch 's a' mhadainn rinu mi gluasad,
Dhìr mi a mach ri Beinu Cx'uachan.
Dhìr mi a mach, etc,
'S theirinn mi lag an fhraoich uaine.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence