Skip to main content

‹‹‹ prev (353)

(355) next ›››

(354)
OHAIDHEALACH.
Agus deadh Mhac Illeatham
'S gun a theaghlach ri f haigheil an dràsd
'Cur le chèil' ann an cruadal
'S tric a bhuidhinn iad buaidh anns na blàir,
Dà chraoibh anns a' ghàradh
Cha 'n' ionnan cur f àis daibh nan dith's,
Craobh a shìoluich 's a dh'fhàsas,
Craobh a thuiteas le fràmh is le aois,
'S ionnan sud 's mar a ta sinn,
Nis o'n phàigh sinn na màil ud cho daor,
Tha ar n-urra cho hiidir
'S gu 'n cuir e 'na àite gun chlaoidh.
HO RO, CHA'N 'EIL CADAL ORM.
Ise. — Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
Cha'n 'eil m' air' air sòlas,
Mo chiTl-thaobh ri ceòl gàire
Bho'n là chaidh mo phòsadh
Ho ro, cha 'n 'eil cadal orm.
Bha m' atbaii' is mo mhàthair
'S mo bhràithrean uile deònach
Mo phòsadh ris an t-seann fhear
O'n bha mi gann do stòras,
Ho ro, cha 'n 'eil cadal orm.
'S e 'n t-òr tlnig an car asam,
'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh,
'S e 'm pòsadh rinn mo shàruch',
'S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-se,
Ho ro, cha 'n 'eil eadal orm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence