Skip to main content

‹‹‹ prev (339)

(341) next ›››

(340)
320 GHAIDEEALACH.
'S tric ag èirigh suas am cliuimhne,
Albaimi àillidh, tlr nam beann ;
Chi mi sud an lèanag uaine, —
A's am bothan anns a' ghleann.
Tha gach nì fo bhlàth gu h-ùraidh,
Aig au allt' tha cx'ònan fann,
Air a' ghaoith tha fàile cùbhraidh
'Tighinn bho fhiùrain nach 'eil gann,
'S ann a sud a fhuair mi m' àrach ;
'S mi neo-lochdach mar na h-uain;
Ach 's lom a dh'f hàgadh nis an làrach
Bho 'n a sheòl mi thar a' chuain.
Tbar leiim gun cluinn mi guth nan smeòrach,
'Seinn gu ceòlar feadh nan crann;
'S òran binn nan uiseag' bòidheach,
Ard 's na speuran os mo cheann.
Chi mi chiU aig bun a' bhruthaich,
Taobh an uillt tha ruith gu lùgh'r,
'S tric a bha mi sud gu dubhach,
Caoidh nan càirdean tha fo 'n ùir.
Mo mhàthair 's m' athair tha 'n an sìneadh,
'N cadal sìorruidh anns an tiaigh;
'S chaidh mo cliopan searbh a lìonadh
'N uair a d' fhàg mi 'n sin mo luaidh.
Nis cha lèir dhomh tìr nam àrd-bheann,
Air mo shùil tha ceb air fàs;
Am measg choigreach 's fad' o m'chàirdean,
Tha mi feitheamh air a' bhàs.
Thu-sa spioraid bhochd, tha'n daoi'sa,
Ach cha 'n fhada bhios tu ann;
Thig, a Bhàis, a's thoir dhomh saorsa,
Beannachd leat, a thìr nam beann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence