Skip to main content

‹‹‹ prev (327)

(329) next ›››

(328)
ORAIN
Leab-ìnnse buar nan geum,
Cha robh mo roinn diubh'n dè le càch*
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoù' am fìos so thun a' Bhàird.
Tha mìltean sprèidh aù' faichean,
'S caoirich gheal air creachain fhraoich,
'S na fèidh air stùcan fàsail,
Far nach truaillear làr na gaoith,
An sìolach fiadhaich neartmhor,
Fliuch le dealt na h-oiteig thlàth,
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a' Bhàird.
Tha'n còmhnard 's coirean garbhlaich,
Còrs' na fairg' 's gach gràinnseach rèidh,
Le buaidhean blàthas na h-iarmailt,
Mar a dh' iarramaid gu lèu-,
Tha'n t-seamair fhiadhain 's neòineiii,
Air na lòintean feòii- fo'm blàth,
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a' Bhàird.
Na caochain fhìor-uisg' luath,
A' tighinn a nuas o chùl nam màm,
Bho lochain ghkin gun ruadhan,
Air na cruachan fad' o'n tràigh,
Far an òl am fiadh a phailteas,
'S bòidheach ealtan lach 'g'an snàmh,
Mar a fhuaii- 's a chunnaic mise,
Thoir am fios so thun a' Bhàii'd.
Tha Bogha-mòr an t-sàile,
Mar a bha le reachd bith-bhuan,
A' mòrachd maise nàduir,
'S a' cheann-àrd ri tuinn a' chitain,
Mr. Blair resigned his farm at Martimas, 1863.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence