Skip to main content

‹‹‹ prev (286)

(288) next ›››

(287)
GHAIDHEALACH. 267
Le 'n gaoir-chatha-farum an uilc;
Cinn 'g an sgathadh, snaidheadh air cuirp;
Luaidhe treabhadh domhain troimh 'm fuil.
C' àit' an cualas riamh ri 'n àireamh,
'S iad 'nan seasamh aii- cùl Spàintich,
H-aon a bhuadhaich air Clann Rà'uill,
Gnùis gun fhàillin, stàilin mar stuth;
Dream gun eagal, 'sheasadh roimh 'n trnp;
Cruaidh, gu fearail, tarruing air stuic;
Stialladh ghearran 's fhear air am muin,
Bha Clann Rà'uill treun aig 'Arla;
'Nuair 'bhrosnuich Lachlann am bàrd iad.
Sheas iad dìleas mar an stàilinn
Gus an robh 'n nàmh toileach aii' sgur.
Na fir àluinn àireamh dhiu thuit,
'S cha bu nàr dhoibh tràghadh air fuil;
'S b' iomadh ài-munn 'bhàsaich le guin.
An cuimhne leibh là bh\ir Lèine?
Bha na Frisealaich 'nan èiginn,
Cha d' shàbhail fear as a cheud diu,
'S ghlèidh sibh fèin bhur cuid giis an diugh.
Na fir thaobhgheal' b' fhaobharach guin,
Luaidheadh aodach caol agus tiugh;
Cloithean màdair 's càmaid 'nan cur.
Ri linn Alasdair 's Mhontròis,
Bha sibh 'nar caithream an Lòchaidh;
Bu ghleusda, baranta, Dòmhnull
Leomhann crò 's an t()rachd a muigh.
Bha 'ur nahnhdean diolta dhe 'ur cluich;
Thug iad maoim a mach air a' mhuii-,
Broinn air bhroinn a ruith leis an t-stinith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence