Skip to main content

‹‹‹ prev (274)

(276) next ›››

(275)
OHAIDHEALAOH.
Bha mi 'n raoir aig an teine
Na mo chaithris 'n dèigh cliàich,
Gus an robh mi a' smaointean
Gu'n 'ghabh daoine mu thàmh,
An dùil gu'n chiinnin do l)]iruidliiiiiì,
A' tighinn mar b' àill;
'S nuair a ghabh mi 'n sin fadachd,
Chaidh mi 'n leabaidli fo prùmh.
cha d' f huaii' mi 'n raoir cadal,
Cha robh m' aigne na 'tàmh,
'S mi ri ionndrainn na gi'uagaich
Dh' f halbh DihTahi gu math tràtli ;
Gu 'm bi snidh air mo chhiasaig
lomadh uair air do sgàth;
'S bochd an naigheachd gu 'n ghhiais thu
Do 'n Cheann Uachdrach a thàmh.
'8 iomadh crois 'th' anns an t-saoghal
'S mise a dh' fhaodadh a ràdh,
Fhuan- mi buillean bha ciùrrta,
'S tric mo sgiùrsadh le bàs;
'N uair a thug thu do chùl rium
Shil mo shùilean gu làr,
Cha 'n 'eil stàth dhomh bhi 'g innseadh
Gu 'm bheil m' inntinn fo phrànili.
O cha sheinn mi 'chaoidh òran,
Thuit mo shùlas gu lùr,
Dh' fhalbh mo shùgradh 's mo dhòchas,
'S thàinig bròn nis na'u àit;
Tha mo chridhe gu sgaoileadh,
Tha mi 'smaointean, le ci'àdh;
'S tha mo chadal ro hiaineach,
Oi-t a' smuaintean gach tràth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence