Skip to main content

‹‹‹ prev (243)

(245) next ›››

(244)
224 ORAIN
Tha 'n gaisgeadh ainmeil is tric a dhearbht' e,
Air tìr 's air fairge, an cath 's an strith;
B' iad Inchd an fhèilidh gn bràth nach gèilleadh.
Fhad 's rnitheadh deur de fhuil rèidh na 'n crìdh'
'S i 'n fhìor fhuil uasal o thìr nan fuar-bheann
A bhiodh 's a' ghruagaich d' an tugainn spèis;
Tè bhruidhneadh blàth rivim 's a' chànain àluinn
Bu ro mhath thàthadh ar gràdh r' a chèil'.
'S a chaoidh cha chaochail an tlus tha 'm thaobhsa
Do m' thìr 's do m' dhaoine a b' aobhach leam;
'S cha leig air dìchnimhn' gach comhairl' phrìseil,
Thug teachdaii' dìleas na firinn dhuinn.
A's ged a ruiginn-sa cùl nan Innsean,
'S gach eilean rìomhach 's na tìrean tliall:
Is ann am dhùthaicli a ghuidhinn m' ùir bhi
'N uair bhiodh mo shùilean ga 'n dùnadli teami.
'S mo chead 's an uair so do thìr nam buagh ud,
'S mo bheannachd buan leis an t-sluagh tha ann,
'S an cliù a fhuair sinn o linn ar sinnsir,
Gu ceann ar crìclie nach dealaich ruinn.
OR AN.
Le Dòmhnull MacMhathain, do bhean
MINISTEIR, A BHA ANN CEANN MU DHEAS ChINNTIRE, DO 'm
b'ainm Mairian Nic-Mharcuis.
Do bheatha nuas o'n tìr-so shuas,
A bhean is stuama còmhradh,
Ma's fior an fhuaim a tha am chluasaibh,
'S iomadh buaidh ort còmhla';

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence