Skip to main content

‹‹‹ prev (231)

(233) next ›››

(232)
ORAIN
'S tu reult-iùil os cionn nan nial,
Tha miagliail aig gacli seòladair,
A'deàlradh anns an àird-an-iar,
'S iad 'g earbsa trian de'n eòlas riut.
A's ged a chuir mi cuibhrionn sìos,
A rèir mo mhiann, an òrdugh dhuit,
Cha chuirinn crìoch, a chaoidh, le rian,
Ach gann, air trian de d' dhòigheanan;
Ach fhir a dh' imicheas m\\ 'n cuairt,
Na ceil mo dhuan, ach fòghhim e,
Do'n mhaighdinn chunnaic mi Dì-luain,
Anns a' ghleann uaine, neòineanach.
AN T-OIGEAR UALLACH.
LE Seumas Munro.
AiR Fonn: — ^^ An GiUe guanach."
Seisd. — 'S e 'n t-òigear uallach a sheòl thar chuan uainn
Ptinn m' fhàgail truagh dheth, 's a hiaisg mo chrìdh'.
A fhleasgaich uasail an leadain dualaich,
Tha mi fo ghruaim o'n a dh' fhàg thu 'n tìr.
Ged thig an Samhradh le 'thrusgan greannar
A' sgeadach ghleann agus bheann le 'lìth,
Cha tog e fonn air mo chridhe trom-sa;
Tha 'n saoghal lom leam 's mo shonn am dhìth.
'S 6 'n t-òigear uallach, &c.
Cha b'ionann m' àbhaist an uair bu ghnàth leam
Bhi 'n glaic mo ghràdhaich air sgàth na frìth;
An duilleach uaine 'n a sgàil mu'n cuairt duinn,
'S a thrusgan snuaghar mu bhruaich a' ghlìnn.
'S e 'n t-òisrear uallach, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence