Skip to main content

‹‹‹ prev (229)

(231) next ›››

(230)
ORAIN
Clia'n 'eil cron cumaidli ort r' a luaidh,
'S gu blieil do bhuaidlieau còrdadh rium;
'S bidh sàr dhaoin'-uaisr ag òl à cuachail^h,
Slàinte bhuan an cònihnuidh dhuit.
Bidh sàr dhaoin'-uaisle, treubhach, tapaidh,
Spèiseil, gasda, mòr-chuiseach,
E,i luaidh gun bheud aii' beul nam beus,
'S a' cur an cèill a dòigheanan;
'S iomad òigear fearail, fìnealt',
'S pailteas nì a's stòrais dhaibh,
A chunntadh suarach iad gu lèir,
Air ghaol bhi rèidh am pòsadh riut.
O 's ami air ceann nan iomadh dual,
A dh' fhàs a' ghruag is dòmhaile;
Gu }>leatach, cuachach, dreachar, snuadh-dhuuh,
Lùbach, dualach, feòirleineach;
'S an siod' thig o na h-Innsean Shuas,
Air uachdar, cumail còmhdaich air;
A's pàii"t dheth crochadh sios gu d' ghuailnean,
'S òr do chluas ga chòmhlachadh.
O 's lìonar buaidh, a tha riut fuaighte,
Nach gabh luaidh no fòghlum dhomh;
'S tu 'n fhìor fhuil uasail nach i-obh suarach —
Dhuit bu dual o d' sheòrsa sin;
Na sruthain mheara, ghlana, uaibhreach,
Dìreadh suas ad phòraibh-sa;
O 's glan an ìr' o'n deach do bhuaineadh,
Cha robh snuadh an fhòlaich oìit'.
Dà mhala chaoil, mar it' an eòin,
Air gnùis, is bòidhche fàilteachadh;
Dà shùil mar dhearcagan an fhraoich
Ad aodann, a's fiamh-ghàii- orra;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence