Skip to main content

‹‹‹ prev (227)

(229) next ›››

(228)
208 ORAIN
Feadh nan raointean lom ud,
Far nach cinn na foth'nain,
Gheobhteadh dlòthaibh trom dhiubh
Air gach tom a's tuhiich.
A lilidh, etc.
'S coidheas deas no tuath leat;
'Measg nan càna 's nam bruachag,
Cinnidh tu gu guamach,
Fallain, snuaghor, hirach.
A lilidh, etc.
Ged a thig ort dùiseal
Ann an àm na dubhhichd,
Cha tig bàs fo 'n ùir ort,
Ged robh 'n fhionntainn guineach.
A lilidh, etc.
Dh' aindeoin cruas a' gheamhraidh,
'S fuachd an fl)aoiltich chrainntidh,
Bidh do thrusgan bainns' ort
M' an tig àm na cuthaig.
A lilidh, etc.
An tìr na toit' 's nan dù-Ghall,
Fad o thìr do dhùthchais,
Tog do cheann gu sunndach
'S cuir air chùl am muhid.
A lilidh, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence