Skip to main content

‹‹‹ prev (181)

(183) next ›››

(182)
162 ORAIN
Dannsair tliu air ùrlar clàraidh,
Cho math 's a tha measg nan Gàidheal ;
Cha mhios thu'd sgiobair bàta,
Ga 'toirt sàbhailte gu tìr.
So deoch, etc.
Dà shùil mheallaich ann ad aodann,
Aghaidh mhaiseach, thlachd'or, aobhach,
Slios mar eala bhàn nan caoiltean.
'Shnamhadh aotrom air an tuinn.
So deoch, etc.
'S ioma talla a's tigh-tàirne,
Am bi iad ag òl do dheoch-slàinte.
'S sgoileir thu 'sgriobhas gu sàr-mhath;
Dròbhar àrd air a' chrodh-laoigh.
So deoch, etc.
'S ioma baintighearn' le 'cuid stòrais,
A bhiodh toileach air do phòsadh,
Le fàinneachan air am meòraibh,
Le 'n gùnndaichean sròil a's sìod.
So deoch, etc.
Dh' èireadh tu moch maduinn chèitein,
Bhiodh darah nan cabar fo èislein ;
Cha'n'eil fios aig neach fo 'n ghi-èin so,
Ciod an ceud-fath tha ga d' dhìth.
So deoch, etc.
'S beag an t-ioghnadh thu bhi ainme'l,
'Sthu'n fhuil rioghail, mhuii'nich, mheamnaicb,
Tha thu d'an fhinc neo-chearbach —
Gallain i'is an earbd' an Righ.
So deoch, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence