Skip to main content

‹‹‹ prev (178)

(180) next ›››

(179)
GHAIDHEALACII. 159
Sud an t-each aig blieil an sgi-iob,
Cha toii' e mionaid ri mile ;
Thèid e aù' leth-dusan sìnteag,
Seachad sios air Renfrew!
'S e mo laochan, etc.
'N uair a dh' fhalbh e 'n sin 'n a throtan,
A' cheart cho luath ri MaiL Coach,
Gu'n do chrom mi sios fo'n drochaid,
Mu'n sgi'ogadh e 'n ceann diom.
'S e mo hxochan, etc.
-Righ ! gur mise ghabh an t-eagal,
Cha mhor nach deachaidh mi 'm bhreislich
'N uair a thòisich e ri breabail,
Gu'n do theich na beanntan.
'S e mo laochan, etc.
'N uair a chaidh e stigh do'n tunnel,
'S a sheall mi mach air an uinneig,
Shaoil mi nach faicinn leus tuiUe,
'S gu'm bu duine dall mi !
'S e mo laochan, etc.
Righ ! gur mise ghabh an t-ioghnadh,
'N uair a ghabh e an t-sùrdag,
Mach troimh phairceanan tìdrneip,
Troimli chùirn agus deanntaig.
'S e mo laochan, etc.
Chaidh mi suas gu fear an fhearainn,
Feuch am faighinn e r'a cheannach ;
'S chuirinn dhachaidh e gu Sellar,
'Tharraing feamainn gheamhraidh.
'S e mo laochan, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence