Skip to main content

‹‹‹ prev (168)

(170) next ›››

(169)
GHAIDHEALA.CE. 149
'S tu ainnir nan ròs-ghruaidhean claithte ;
'S tu òigh an fhuilt bhachalaich, thlàith,
Gu h-amlgach, deanachdach caiste,
'S gu'n glèidh e an dealt air a bhàrr.
Do sheang chorp cumachdail, banail;
Gur gil' thu na canach a' chàrr,
'S cha'n fhaodadh an rìgh bhi gun leannan,
'S tu bhi an àit' aithnichte dha.
Dà ghorm-shuil' mheallaich ad aodann,
Fo'n mhala chiùin, aobhach is àill',
Do ghruaidh'n cho dearg ris na caorainu,
Do bhilean mar mhaoth-ròs fo bhlàth ;
Gu'n d' thug mi de cheist a's de ghràdh duit,
Gu'n cuirimi an saoghal ad phàirt,
Gu'n reicinn mo chiùdhe cho saor riut,
'Sa gheibheadh tu maoraeh 'san tràigh.
'S i ghruagach a thaghainn mar chèile,
Tè urramach, bheusach, gun sgàth,
A dh'fhuaigheadh, a sgriobhadh, 'sa leughadh,
'S a chumadh mo leintein an àird;
Tè sheasadh a gealladh gu dìleas,
'S nach trèigeadh an ni bhiodh i 'g ràdh,
'S cha'n iarrainn a leannain bhi lìonmhor,
Aii' eagal a lionadh le stràic.
Cha'n aithne dhomh cron oi-t r'a innseadh ;
Cha ghabhadh tu dìteadh le bàrd;
Cha bhiodh ann ach toibheum dha strìth ris —
Cur fodha na firinn le tàir.
'S tu 's boidhche bha riabh anns an rìogh'chd so,
'S cha tèid thu air di-chuimhn' gu bràth,
'S gur onaii- am f easda do dh-Ile,
Do leithid de ribhinn ann dh' f has !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence