Skip to main content

‹‹‹ prev (161)

(163) next ›››

(162)
142 ORAIN
'S ann leam flièin bu bhinne cliòisriclli
Anns a' mhaduinn chèitin, cbeòthar —
Uiseagan os cionn nan lòintean,
Smeòraichean air meòir 's a' choill,
Crodh a' nuallanaich 's a' geumnaich,
Laoigh a' ruithteis, a's a' leumnaich —
Buachaillean a' ruaig a chèile,
A' cumail an treud ud cruinn.
Sud an ceol is binne chualas,
Luinneag foil aig bannal ghruagach,
Ag iomain a' ckruidh-hì,oigh do 'n bhuaile-
Cuach a's buarach air an druim.
Mo leannan fliein 'n an teis-meadhoin,
'Seinn an orain cheol-mhoir, mhilis, —
Anail chùbhraidh, deud is gile,
Aims a' bheul is grinne ponc.
Lasadh mo chridhe le gràdh dhuit
'N uair a nochdadh thu air fàireadh,
'S tu cho geal ri cobhar sàile,
'Tighinn gu tràigh air bhàrr na tuiim.
Ged a thug mi rè a' Gheamhraidh
Air na sràidean anns a' Ghalklachd,
Bidh mi 'triall an tùs an t-Samhraidh
'ShealItainn m' annsachd anns na glinn.
Thèid mi 'shealltainn aii- an ainnir
'N uair a thriallas uainn an t-Earrach ;
Leam bu taitneach suidhe mar riut,
Mo làmh tharad, 's mi riut teann.
Leam bu taitneach suidhe làmh riut
Ann am bhreacan air an àiridh,
Ag èisdeachd ri d'chòmhradh màlda —
Bhiodh mo làmh fo d' leadan donn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence