Skip to main content

‹‹‹ prev (132)

(134) next ›››

(133)
OHAIDJIEALACII.
NA TEAMPULLAICH GHAIDHEALACH.
Oran do dh-Fhardaich Fhinn ann an Glaschu.
Le Eanraig Macillebhain,
AiR FoNN : — Biodh cui deoch so 'n laiinh mo ràin.
Seisd. — H6 ro, cliairdean, seiimibli ceòl,
'S deaiiaibh iolacli air gach seòl,
H6 ro, chàirdean, seinnibh ceòl.
Togaibh fonn le pìob 's le chirsaich,
'S deanaibh gàirdeachas gn mòr.
Ho ro, chàirdean, etc.
Tha ar n-aol)har 'fàs gu làidir,
Anns gach àite 's an Roinn-Eòrp'.
Ho ro, chàirdean, etc.
'S i a' Ghaidhlig cainnt na Fàrdaich,
'S tha i àluinn anns gach dòigh.
Ho ro, chàirdean, etc.
'S i a' chànain bh'againn daonnan —
Tha i aosda mar an ceò.
Ho ro, chàirdean, etc.
Tha ar n-àireamh 'fàs gu lìonmhor,
Dh' ain-deoin mi-ruin agus gò.
Ho ro, chàirdean, etc.
'S tric a dh' fheuchas iad ri'r slaodadh
Dh'fhaighinn caochain 's an tigh-òsd'.
Ho ro, chàh-dean, etc.
Riabh cha robh sinn fann no dìblidh,
A's cha strìochd sinn dhaibh ri'r beò.
Ho ro, chàiidean, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence