Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
24 ORAIN
'S tha fuil co uasal 's th'anns an t-saogh'l,
A' ruith an aodann Lathurna.
Irin àrin, etc.
Thàinig fios a nall thar chuan,
Gu'n robh Rìgh Phrmsia rium an gruaim,
Airson mi idir bhi 'toirt suas,
Ri Marcus uasal Lutharna,
Irin àrin, etc.
Chuireadh fios le mòran spìd,
Gu'n robh e 'n aghaidh lagh na rìo'chd,
Mi phòsadh neach ach mac o rìgh,
'S mi leigeil dhiom an Lathurnaich.
Irin àirn, etc.
Dh'fhàg am fios ud mi fo bhròn,
Dh'fhàg e mo chridhe trom fo leòn,
'S thuirt mi riù nach mairinn beò
Mur faighinn òig'ear Lathurna.
Irin àrin, etc.
'N sin thuirt rium mo mhàthair chòir,
•'Louisa, leig dhiot do bliròn,
'S ni Uilleciìn Glaihtone 's mise dòigh,
Do phosAdh ri fear Lathurna."
Irin àrin, etc.
Tlia mi nis gu cridlieil suairc,
An dùil bhi pòsda ri mo' luaidh,
Thèid mi leis gu ruig Dun-chuaich,
A ghabhail cuairt na gealaich-mlieal'.*
Irin àrin, etc.
* Iloiiey-moon.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence