Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
18 ORAIN
Is tu mar bliraclan fior-uisge,
'S e leum air uisge lìomharra, —
Sin agaibh mar a chi sibh i,
'S i measg nam mìltean gruagach.
A Mhàiri mhiog-shùil, kc.
Do ghruaidhean tana, mìn-dearg
Mar ròs air chrannaibh dìreach,
Sùil chorrach is glan lìonadh,
Fo mhah\ ghrinn gun ghruaimean.
A Mhàiri mhiog-shuil, &c.
Tha thu uasal, iriosal,
Cha 'n fhaicear fraoch no frionas ort ;
'S do ghaol cha 'n fhàg mo chridhe-sa
Ged 's tric a' dol thar chuan mi.
A Mhàiri mhiog-shìiil, ctc.
Do chùl donn, bòidheach, camagach,
'N uair chìreadh tu e chasadh e,
A' ghrian ag òradh dhathan air
'S a' mhaduinn 's e mu d' ghuaillean.
A Mhàiri mhiog-shùil, &c.
'S gur binne bhi ga d' èisdeachd
Na 'n fhiodhal 's i fo 'teudan,
Na ceòl na cuilc a' leughadh
'S tu bleodhan sprèidh air buaile.
A Mhàiri mhiog-shùil, &c.
'S gur math thig sìoda 's làmhainean
Do rìbhinn nam bas bàn-ghealki,
Meur ghrinn thu air an t-snàthaid,
'S tu 'n seòmar-àrd a' fuaigheal.
A Mhàiri mhiog-shùil, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence