Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
16 ORAIN
'S na 'm bitliinn-se mar eala bhàn,
'S gu 'm bithinn math air an t-snàmh,
Mu 'n tigeadh moch-thràth Di-màirt,
Bhioclh f hiosam c' àit' an caidilinn.
A ho ro, ctc,
'N uair a chruinnicheadh an sgoil-danns'
B' ait leam fhèin na chithinn ann,
Maighdean donn 's cir chrom 'n a ceanii,
A' cumail thall a camagan.
A ho ro, &c.
'S bòidheach, sìobhalta do ghnùis,
D' aghaidh, mhìn-gheal mar am llùr,
Leig mi dhiom na bh' ann am dhùil,
A's thagh mi thu, 's cha b'aithreach leam.
A ho ro, itc.
Ged a shiùbhlainn thar an tuinn,
A's fichead bliadhna thoirt air luing,
Bidh tu tric a' tigh'nn am chuimhn',
Le meud na suim a ghaljh mi dhiot.
A ho ro, àc.
Dheanainn sgrlobhadh dhuit le peann,
Dheanainn treobhadh dhuit le crann,
Dheanainn sgiobair dhuit air luing,
A chruinneag dhonu nam meall-shuilean.
A ho ro, &c.
Na biodh cìiram ort mu d' lòn,
Glieibli mi 'm sgiobair air luing mhòir
S 'n 'uair a thogar a cuid seùl,
Le m' dheòin cha bhi thu 'd Ijhanaraich !
A ho ro, *Ssc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence